Gèadh-glas
From Wikipedia, the free encyclopedia
’S e an gèadh-glas (Anser anser) (Beurla: greylag goose) an seòrsa geòidh as cumanta ann an Albainn, gu h-àraid sna h-Eileanan Siar. ’S e cuideachd is sinnsear do na geòidh challaichte a gheibhear air tuathanas san Eòraip no an Aimeireaga. ’S e as motha agus as truime de na geòidh (genus Anser). Tha e ri fhaighinn bho thaobh an Iar na h-Eòrpa gu taobh an Ear Àisia.