Dùn Bàrr
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile ann an Lodainn an Ear a tha ann an Dùn Barra[2] no Dùn Bàrr[3] (Beurla: Dunbar). Tha e suidhichte air còrsa ear-dheas na h-Alba. Tha e mu 30 mìltean san àird an ear air Dùn Èideann agus mu 28 mìltean air falbh bho chrìochan Sasannach faisg air Bearaig.
Dùn Bàrr | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle Lodainn an Ear |
Siorrachd | Lodainn an Ear |
Co-chomharran | 56° 0′ 10″ Tuath 2° 31′ 1″ Iar |
Comharradh-clèithe | NT677788 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 10,270[1] (2020) |
Duilleag oifigeil | http://www.dunbar.org.uk/ |
Rugadh John Muir, rannsachair agus eòlaiche, ann an Dùn Bàrr 21 an Giblean 1838. Bhrosnaich e pàircean nàiseanta anns na Stàitean Aonaichte a chur air bonn.[4]