An Abaid Ùr
baile ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh / From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh (seann Shiorrachd Chille Chùithbeirt)[1] a th' anns An Abaid Ùr (Beurla: New Abbey).[2] Tha e suidhichte aig 36m os cionn ìre na mara,[3] san roinn Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh mu 13km an iar-dheas air Dùn Phrìs. Tha a' bheinn Criffel (570 m a dh' àirde) mu 4km air falbh. Ann an 2011 bha 620 duine a' fuireach an seo.[4] 'S ann anns a' bhaile seo 's a chithear tobhtaichean abaid ris an canar Cridhe Mìlis air neo Sweetheart Abbey sa Bheurla.[5]
An Abaid Ùr | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Chille Chùithbeirt ro 1975 |
Co-chomharran | 54° 58′ 48″ Tuath 3° 37′ 10″ Iar |
Comharradh-clèithe | NX964662 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 620 (2011) |
Àireamh fòn | 01387 |
Duilleag oifigeil | Duilleag a' Bhaile |