Achadh nan Càrn
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Cille Chuithbeirt air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Achadh nan Càrn. Tha e suidhichte aig 18m os cionn ìre na mara,[1] ann an cridhe na roinne Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), eadar Dùn Droighnein agus Palnackie, aig inbhir an uillt Achadh nan Càrn, far a shruthas e dhan Bhàgh Achadh nan Càrn, san Linne Shalmhaigh.[2] Tha e 33km air falbh bho Dhùn Phris, 113km bho Glaschu, 74km bhon An t-Sròn Reamhar agus 131km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. Tha dìreach 425 duine a’ fuireach anns a’ bhaile[3] agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Achadh nan Càrn, ged an robh Gàidhlig fhathast beò ro 1700.[4] Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd.
Achadh nan Càrn | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 54° 84' 20" Tuath 3° 87' 18" Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 425 (2011) |
Àireamh fòn | 01556 |
Duilleag oifigeil | Duilleag a' Bhaile |