Ùranas (planaid)
From Wikipedia, the free encyclopedia
Is Ùranas no Urànus (o Οὐρανός Sheann-Ghreugais tro Uranus Laideann) an t-seachdamh planaid on ghrian. Tha an treas rèideas planaideach as motha agus an ceathramh tomad planaideach as motha aige san rian-grèine againn. Tha stuthan Ùranais coltach ri stuthan Neaptuin, ach tha na stuthan ceimigeach aca diofraichte on fheadhainn aig na famhairean gasa nas motha, siud am Bliogh agus Satarn. 'S ann air an adhbhar seo gun cuir na h-eòlaichean "fuamhairean deighe" air Ùranas agus Neaptun gus an diofar eatorra is na fuamhairean gas a nochdadh. Tha àile Ùranais coltach ri feadhainn a' Bhliogh agus Satairn on a tha a' mhòrchuid dhe 'na hàidhdreaidean is hilium ach tha barrachd "deighean" aige mar uisge, amòinia agus methan cho math ri lorgan hàidhdrea-charbonan eile.[10] 'S e an t-àile planaideach as fhuaire sa rian-ghrèine a th' ann agus is 49 K (−224.2 °C) an teothachd as lugh agus tha breathan neòil iom-fhillte aige. Thathar dhen bheachd gu bheil an t-uisge pailt sna neòil as ìsle agus methan sna neòil as àirde.[10] Tha a' mhòrchuid dhe mheadhan Ùranais 'na dheighean is clach.[9]
- Airson seaghan eile, faic Uranus (soilleireachadh).
Ùranas | |
---|---|
Clàr Ùranais gun fheartan, seo dealbh a chaidh a thogail le Voyager 2 ann an 1986 | |
Lorg | |
Chaidh a lorg le | William Herschel |
Latha an luirg | 13 dhen Mhàrt 1781 |
Feartan na cuairte (Ceann-aimsir J2000) [1] | |
Aphelion | 20.11 AU (3,008 Gm) |
Perihelion | 18.33 AU (2,742 Gm) |
Aiseal dàrnach | 19.2184 AU (2,875.04 Gm) |
Neo-mheadhanachd | 0.046 381 |
Ùine na cuairte | 84.0205 bliadhna Iulianach 30,688.5 latha[2] 42,718 làithean-grèine Ùranais[3] |
Ùine co-nasgach | 369.66 latha |
Luaths cuibheasach na reul-cuairte | 6.80 km/s |
Neo-choitcheannachd meadhain | 142.238 600° |
Claonadh | 0.773° an coimeas na h-èicliptich 6.48° an coimeas crios-meadhain na Grèine 1.02° an coimeas plèana neo-chaochlaideach[4] |
Domhan-fhad an nòd-dìridh | 74.006° |
Argamaid a' perihelion | 96.998 857° |
Saidealan air a bheil sinn eòlach | 27 |
Feartan fiosaigeach | |
Rèideas meadhain | 25,362±7 km[5] |
Rèideas meadhan-chriosach | 25,559±4 km 4.007 uiread dhen Talamh[5] |
Rèideas pòlarach | 24,973±20 km 3.929 uiread dhen Talamh[5] |
Leathnachadh | 0.0229±0.0008[5] |
Cearcall-thomhas | 159,354.1 km[2] |
Farsaingeachd an uachdair | 8.1156 × 109 km2[2] 15.91 uiread dhen Talamh |
Tomhas lìonaidh | 6.833 × 1013 km3[6] 63.086 uiread dhen Talamh |
Tomad | (8.6810±0.0013)×1025 kg 14.536 uiread dhen Talamh[7] GM=5,793,939±13 km3/s2 |
Dùmhlachd meadhain | 1.27 g/cm3[6] |
Iom-tharraing air an uachdair | 8.69 m/s2[6] 0.886 g |
Luaths teichidh | 21.3 km/s[6] |
Ùine a' chuir reultaich | 0.718 33 là 17 u 14 m 24 d[5] |
Luaths cuir an reul-chriosa | 2.59 km/s 9,320 km/h[6] |
Claonadh an aiseil | 97.77° an coimeas na reul-cuairte[6] |
Dìreadh deas a' phòla a tuath | 17u 9m 15d 257.311°[5] |
Dì-chlaonadh a' phòla a tuath | −15.175°[5] |
Albedo | 0.300 (Bond) 0.51 (geomatrach)[6] |
Meudachd lèirsinneach | 5.9[8] gu 5.32[6] |
Trast-thomhas ceàrnach | 3.3″ gu 4.1″[6] |
Teothachd | Air ìre 1 bhàr[9]
0.1 bàr (tropo-stad)[10]
|
Àile [10][11][12] | |
Àirde sgèilidh | 27.7 km[6] |
Stuthan | (Fo 1.3 bàr) Gasan:
Deighean:
|
Chan fhaicear Ùranas leis an t-siùil lom ach gu fann. Chaidh a lorg le William Herschel. 'S e planaid uaine/glas a tha ann.